Search
Home  |   Podcasts  |   Podcast RSS Feed  |   Archive  |   About Us  |     |  

Gaelcast Air Skype: Wikileaks

Posted by liam on July 27th, 2010

Tha sinn a’ craoladh programman beaga tron Skype a-nise! Sin a’ cheud còmhraidh eadar Liam agus Micheal air Skype, air a chlàradh le Call Recorder. Tha Micheal ag innse dhuinn beagan mu dheidhinn aithris a thug e dhan BhBC mu Wikileaks agus an fhiosrachaidh a leig iad a-mach mu dheidhinn a’ chogaidh ann an Afghanistan.

podcasts | 27 Comments »

Mac Bheatha, Rìgh na h-Alba

Posted by liam on May 24th, 2010

spacer ’S mòr am buaidh a tha aig Shakespeare gus an latha an-diugh air an dòigh anns a’ bhiodh sinn a’ coimheadaibh air eachdraidh agus gu h-àraidh air duine sònraichte ann an eachdraidh na h-Alba, an rìgh Mac Bheatha. Tha sinn uile eòlach air an dealbh-chluich a sgrìobh Shakespeare agus an naidheachd a thug e dhuinn – ciamar a mhortadh MacBheatha an t-seann rìgh, Donnachadh, ri cealgaireachd.

Deagh-sgeul, ach cha b’ e sin an fhìrinn.

Tha fhios againn an-diugh nach b’e ain-tighearna neo sglaimir a bh’ ann. Cha do ghoid MacBheatha an crùn anns an dòigh a bha Shakespeare agus sgrìobhadairean Gallda a’ creidsinn na ceudan bliadhna as a dheaghaidh.

Cha robh an rìgh Donnachadh na bhodach nuair a chaidh a mharbhadh, ann an cath, is dòcha, a’ sabaid ann aghaidh MacBheatha. A-rèir an siostam politeagach aca aig an àm, bha ceart aig MacBheatha air a’ chrùn cuideachd.

Ach aig deireadh an naoidheimh linn deug, sgrìobh Ionatan MacFhionghain an naidheachd a leanas anns a’ phàipeir aige, Mac-Talla. Chì sibh dè cho làidir a bha buaidh Shakespeare air an naidheachd aige mu dheidhinn MacBheatha.

Mac Bheatha, Righ na h-Alba

Tha e air a ràdh gu’n d’fhuair Mac Beatha Crùn na h-Alba troimh mortadh Rìgh Donachadh ’sa bhliadhna 1039 aig Both-nan-gobhain faisg air Eiliginn. Dh’fheuch e le riaghladh firinneach agus ceart a dhèanamh suas air son an droch obair a rinn e fhaotainn greim air a’ chrùn. Thug e duaisean airgiod do Roimh, agus fearannan farsuing do’n eaglais, agus duaisean lìonmhor do’n bhochd, ach tha e coltach nach d’rinn iad seo uile feum “fois a thoirt dha bho na bruadaran oillteil a bha a’ cur dragh air gach oidhche.” Ged a thug e seachad uiread do’n t-sluaigh, cha d’fhuair e mòran cuideachadh bho’n chlèir, ni mò an d’thug an sluagh fois dha. Cha do chord an doigh a ghabh e greim air an righ-chaithir riu riamh, agus dh’fhàs e nis ain-tighearnail mar a bha e smuainteachadh gu’n robh a chumhachd dol am mòid. Rinn e nàmhaid làidir dha fhein ann Macdubhaich, Fiofa, leis a’ chreachadh a rinn e air, agus theich am morair sin le daoine mòra eile gu Calum a’ chin mhòir, mac Dhonachaidh, a bha an deigh teicheadh gu Cumberland, agus chomhairlich e an righ-chaithir a ghabhail. Chaidh Suaird Iarla Northumberland agus a mhac Osbert gu Albainn còmhla ri Calum ’sa bhliadhna 1054. An deigh dian chogaidh anns an deach Osbert a mharbhadh chaidh an ruaig an deigh Mac Beatha gu Lumphanan an siorrachd Abareadhain far an robh e air a mharbhadh le Macdubhaich an 1054 an deigh rioghachadh còig bliadhna deug.

— Mac-Talla, Desember 29, 1899.

podcasts | 89 Comments »

Fluent Dysphasia … diochuimhneachadh Beurla!

Posted by liam on May 18th, 2010

Sgannan ùidheil à Eirinn …

Fluent Dysphasia

Atom.com: Funny Videos | Short Films | Existential Crisis

Saoil gum biodh an naidheachd seo math nan robh e suidhichte ann an Glaschu? Agus Gàidhlig air a cur an àite Gaeilge?

podcasts | 23 Comments »

Agallamh còmhla ri Rhoda agus Cathy Ann

Posted by liam on March 21st, 2010

Nuair a bha sinn aig a’ Mhòd ann an Ottawa an uiridh, bha cothrom againn bhruidhinn ri Rhoda Nic Risnidh agus Cathy Ann Nic-a-Phì. Tha sibh eòlach orra, tha sinn cinnteach. Tha Rhoda, a chaidh a breith ‘s a togail anns na Hearadh, ainmeil mar thidsear na Gàidhlig air feadh Ameireaga a Tuath. Tha Cathy Ann aon de na seinneadaran Gàidhlig as ainmeile an latha an-diugh. Tha an dithist aca a’ fuireachd ann an Canada, a-nise, Rhoda ann an Toronto agus Cathy Ann ann an Ottawa. Bhruidhinn sinn ri chèile treis mu dheidhinn a’ Mhòid ann an Ottawa – a’ cheud Mòd Canada riamh – agus na bha tachairt.

Seo dhuibh an agallamh. Tha sinn an dòchas gun chòrd e ribh!

When we were at the Mòd in Ottawa last year, we had the chance to speak with Rhoda MacRitchie and Cathy Ann MacPhee. We’re sure you know them. Rhoda, who was born and raised in Harris, is famous as a Gaelic teacher throughout North America. Cathy Ann is one of the most renowned Gaelic singers today. They both live in Canada now, Rhoda in Toronto and Cathy Ann in Ottawa. We spoke with them briefly about the Mòd in Ottawa – the first Mòd Canada – and what was happening. Click on the link above to listen to the interview. We hope you enjoy it!

Agus tèid dhan àr duilleag Facebook son tuillidh fhiosrachaidh, a h-uile latha. And go to our Facebook page for more information, every day.

podcasts | 20 Comments »

Micheal agus Hige-Haige

Posted by liam on December 14th, 2009

Tha Micheal a-nise ag innseadh naidheachd dhuinn – naidheachd mu Hige-Haige … seo a’ cheud phàirt.

podcasts | 49 Comments »

Sgeulachd ri taobh a’ ghealbhain

Posted by liam on November 28th, 2009

Tha sinn aig Gaelcast gu math dèidheil air sgeulachdan, agus tha sinn a’ creidsinn gu bheil naidheachdan agus beul-aithris anabarrach cudthromach ann an cultar nan Gàidheal, agus culturan eile. Seo sgeul a chaidh a chlàradh ri taobh a’ ghealbhain ann an taigh Liam.

We at Gaelcast are very fond of traditional stories and storytelling, and we believe folktales and folklore are highly important in Gaelic culture, and other cultures. Here’s a story recorded by the hearth at Liam’s house. The fire is electric, the cat is real.

podcasts | 33 Comments »

« Previous Entries
Next Page »

gipoco.com is neither affiliated with the authors of this page nor responsible for its contents. This is a safe-cache copy of the original web site.